Lethbhreac clò-bhuailte ùr dhen Tiomnadh Nuadh

Tha an Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr air a chlò-bhualadh agus air a chur a-mach ri cheannach le Comann Bhìoball na h-Alba.

Prìomh Chlò-bhualadair nan Sgriobtar Gàidhlig bho 1867

'S iad Comann Bhìoball na h-Alba prìomh chlò-bhuladair nan Sgriobtar Gàidhlig o chionn còrr is ceud gu leth (150) bliadhna.

Eadar-theangachadh ùr on Ghreugais, gu Gàidhlig an latha an-diugh.

Tha an eadar-theangachadh ùr ag amas air a bhith a’ toirt ri chèile dìlseachd dhan Ghreugais thùsail le briathrachas làitheal, agus soilleireachd le urram.

img01
Stats

Gàidhlig ann an Alba: Tha mu 54 mile neach a’ bhruidhinneas Gàidhlig ann an Alba, agus mu 30 mile eile aig a bheil làn chomas ‘s a Ghàidhlig.

Stats

Fàs ann an Gàidhlig: ‘s e am buidheann as motha a tha a' fàs, clann a tha ag ionnsachadh Gàidhlig san sgoil, is inbhich a tha ag ionnsachadh ann an clasaichean coimhearsnach.

img02

“Tha an dealachadh eadar ‘Gàidhlig a Bhìoball’ agus ‘Gàidhlig làitheil’ air fàs nas mò le tìm, gu sònraichte am measg luchd-labhairt Gàidhlig òg, as àbhaist, sa chumantas a bhith nas ain-eòlach air ‘Gàidhlig na cùbaid’ na bha an athraichean.”

An t-Àrd-Oll. Dòmhnall Meek

Mun Eadar-theangachadh Ùr

Chaidh an Tiomnadh Nuadh eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Alba on Ghreugais an toiseach leis an t-Urr. Seumas Stiùbhart, ministear Chill-Fhìnn, agus chaidh a chlò-bhualadh ann an 1767 – beagan 's fichead bliadhna an dèidh blàr Chùil Lodair. B' e a mhac, Iain, ministear Lus, am prìomh eadar-theangair airson an t-Seann Tiomnaidh, a chaidh a chrìochnachadh ann an 1801. O chionn ghoirid, tha suidheachadh na Gàidhlig san àm ri teachd air mòran aire fhaighinn, leis a' chànan a' dèanamh adhartas agus faighinn inbhe shònraichte ann am beatha na dùthcha. A dh'aindeoin sin tha an sgaradh eadar Gàidhlig làitheil agus an gnè Gàidhlig a tha ann an eadar-theagachadh 1801 a' leudachadh.

Tha an eadar-theangachadh ùr ag amas air a bhith a’ toirt ri chèile dìlseachd dhan Ghreugais thùsail le briathrachas làitheal, agus soilleireachd le urram. Tha an obair seo a' nochdadh aig àm nuair a tha cothroman air leth ann airson adhartas na Gàidhlig. Fhad ‘s a bha na h-eadar-theangairean ag obrachadh tron Tiomnadh Nuadh bha iad mothachail gum bi e feumail airson fòghlaim agus airson nan eaglaisean.

Cuir d'ainm air an liosta airson fios fhaighinn mu adhartas sam bith anns am pòiseact eadar-theangachadh Gàidhlig.

Cuir d' ainm is post-dealain sìos airson fìos fhaighinn

Cuir am fiosrachadh agad a-steach do na bucais airson fìos fhaighinn mu adhartas sa phròiseact.

Ciamar a chleachdas sinn d' fhiosrachadh?
Cha toir sinn d'fhiosrachadh do bhuidheann sam bith eile. Bidh am fiosrachadh seo air a chleachadh airson fios a chuir thugad mun phròiseact seo air post-dealain. Faodaidh tu iarraidh d' fhiosrachadh a thoirt bhon liosta aig àm sam bith.




“Tha sinn airson teachdaireachd an t-soisgeul a dhèanamh cho soillear an diugh 's a bha e nuair a chaidh a sgrìobhadh. Mar sin ghabh sinn ris gun robh an àm ann airson eadar-theangachadh ùr a dhèanamh on Gheugais don Ghàidhlig. Tha an eadar-theagachadh beothail seo ag amas air ginealach nas òige a ruighinn.”

Elaine Duncan
Àrd-Oifigear Gnìomha, Comann Bhìoball na h-Alba

Goireasan

App nan Sgriobtar

App nan Sgriobtar an-asgaidh air am fòn no tablaid agad

Global.Bible

Goireas-bhìoball air-loidhne le grunn leth-bhreacan Gàidhlig.

Ann an Clò

Thoir sùil air na goireasan Gàidhlig th' aig Comann Bhìoball na h-Alba ann an clò.

Scottish Bible Society cross

© Comann Bhìoball na h-Alba 2016 - 2019
Àireamh Carthannais Albannach SCO10767 Oifis Clàirte: 7 Barraid Hampton, Dùn Èideann, EH12 5XU, An Rìoghachd Aonaichte
Poileasaidh Prìobhaideachd • Poileasaidh Criomagan

Scroll to Top